Gaelic on the internet
Gàidhlig air an eadar-lìon
Leugh an earrann ghoirid seo mun fharpais FilmG: Gaelic
Tha barrachd Gàidhlig ri faicinn air an eadar-lìon a-nis le dòighean craolaidh ùra agus le fàs nam meadhanan sòisealta.
Tha e furasta am fòn-làimhe agad a chleachdadh gus film goirid a chlàradh agus dh'fhaodadh tu a luchdadh suas air iomadh làrach-lìn.
Thèid farpais bhliadhnail film-goirid a chumail gach bliadhna air a bheil FilmG a tha ag àrach agus a' leasachadh tàlant ùr airson nam meadhanan Gàidhlig.
Thòisich an fharpais ann an 2008 agus bhon uair sin, tha i an urra ri iomadach dreuchd shoirbheachail anns na meadhanan.
Gheibhear farpaisean airson aois fo 18 agus thairis air 18 le cuspair air a thaghadh airson na farpaise ro làimh.
Bidh britheamhan neo-eisimeileach a' dèanamh measadh air na filmichean agus thèid na buannaichean ainmeachadh aig cuirm dhuaisean anns a' Ghearran gach bliadhna.
Gheibhear cuspair na farpaise air an làraich-lìn aig FilmG gach bliadhna agus chithear cuid de na filmichean an sin cuideachd:
www.filmg.co.uk/fosgailte-filmichean
Ach, ma tha thu airson filmichean bho na bliadhnaichean a chaidh seachad fhaicinn, theirig gu YouTube.
https://www.youtube.com/@filmgalba/videos
Read this short extract about the FilmG competition: English
More Gaelic can be seen on the internet now with new broadcasting methods and the growth of social media.
It is easy to use your mobile phone to record a short film and you could upload it to many websites.
An annual short film competition is held every year called FilmG which nurtures and develops new talent for the Gaelic media.
The competition started in 2008 and since then, it has been responsible for many successful careers in the media.
Contests are available for under 18 and over 18 with a theme chosen for the contest in advance.
Independent judges assess the films and the winners are announced at an awards ceremony in February each year.
The theme of the competition can be found on the FilmG website every year and some of the films can also be seen there:
www.filmg.co.uk/fosgailte-filmichean
However, if you want to watch films from previous years, go to YouTube.
Why don't you have a go at this task! If you have a Gaelic speaking friend, you could do this together. If you don't—no problem—you can have double the fun!