B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Take two: A bheil thu air ghleus?

An dàrna turas: Are you tuned up, in tune, ready

Let’s have a look at this conversation again.  

Sin thu, a Mhàiri! Dè am fonn a th’ ort? There you are, Màiri. How are you?
Tha deagh fhonn, ach tha mi rud beag iomagaineach mun deuchainn agam. I’m well (good), but I’m a little bit nervous about my exam.
Chan eil ann ach measadh. Tha Sgeama Measaidh nan cairtean ann airson taic a thoirt do cho-fharpaisich. It’s just an assessment. The card assessment scheme is there to support competitors.
Chan ann mar sin a tha mise ga fhaicinn an-dràsta. That’s not how I see it right now.
Chan eil ann ach slat-tomhais! Thathas airson inbhe na Gàidhlig aig co-fharpaisich a chumail aig ìre, àrd-ìre mar a bhios a’ Ghàidhlig agadsa! It’s just a guide/benchmark! They want to keep the competitors’ standard of Gaelic standard of competitors at a level, at a high level, as your Gaelic is (will be)!
Glè mhath. Nì mi e ma dh’fheumas mi. Ach mar a thuirt mi, tha mi fhathast a’ faireachdainn an-fhoiseil. Very good. I will do it if I have to. But as I said, I still feel uneasy.
A Mhàiri! Tha thu fileanta, bha Gàidhlig agad bhon ghlùin, tha guth seinn agad agus chan fheum thu seo a dhèanamh ach aon turas. Màiri! You are fluent, you’re a native speaker of Gaelic, you have a singing voice and you only need to do this once.
Ciamar a tha sin? How is that?
Leis gu bheil thu fileanta, chan fheum thu ach a’ chairt òir—chan e bonn òir—a chosnadh! Because you are fluent, you only need to earn the gold card—not a gold medal!
An e an fhìrinn a th’ agad? Really? (Is that the truth?)
‘S e an fhìrinn a th’ agam. ‘S e tiocaid òir a th’ anns a’ chairt òir air do shlighe chun a’ bhuinn òir—uaireigin! It is indeed (the truth). The gold card is a golden ticket on your way to the gold medal—some day!